Aonghas MacNeacail

A chraobh

eadar nan craobh
chithear a’ chraobh
a thagh grian fhann
mar lòchran

eadar dubhar caol àrd
agus dubhar caol àrd
’n a sònrachd fhéin
a’ deàrrsadh

a guirme geal
a togail brìgh
na gréine mar
gur sgàthan i


Aonghas MacNeacail (Skye, Reino Unido, 1942). Poeta y periodista.